Video Pog Aon Oidhche Earraich » Runrig Lyrics | Musica Lyrics

Ver Video y Lyrics con la música del Genero Lyrics más popular de Runrig y otros artistas en línea. Disfruta de las mejores canciones de 2024 en LetrasFM de música en línea. ¡Encuentra tu canción favorita y escúchala en cualquier momento y en cualquier lugar!

Video Pog Aon Oidhche Earraich » Runrig Lyrics

Runrig - Pog Aon Oidhche Earraich Lyrics


Pòg Aon Oidhche Earraich Song Lyrics
Pòg Aon Oidhche Earraich by Runrig An saoghal, sia uairean
Obair là ri cùl
Teaghlach gabhail dhan a' mheas
Pailteas, slàinte, is gaol
An Ruis a tuiteam sìos mu'm chluasan
An Ear Mheadhain am brot cho dorch
Is thusa, uilc is a mhuirt is a shabaid
Na mo bheatha a h-uile oidhche

Ò luaidh bu siud an gràdh
A dh'fhàg mi ceangailte riut an-dràsta
Cò shaoileadh an rud a dh'fhàs
Bho pòg aon oidhche earraich

An grèI'm cho teann 's àraid
Mar òrd na mo dhòrn
A' ghealach bha cho soilleir
'S a gheall a leithid dhuinn
Bha sinn mar longan seòlaidh
Air cuan buidhe òg a' chridhe
Mu coinneamh clann an t-saoghail 's theaghlaich
Gun ghuth no gàire, Dia, no biadh
Ò luaidh bu siud an gràdh
A dh'fhàg mi ceangailte riut an-dràsta
Cò shaoileadh an rud a dh'fhàs
Bho pòg aon oidhche earraich

Cò às an dainig na reultan, thuirt mi
Cò às an dainig grian
Tha sinn cho leòinte fon na ghealach seo
Anam cràidhte seachad air ifrinn fhèin
Ach tha thusa brosnachadh nam bliadhnaichean
Le saidhbreas seachad air mo dhìth
Cho gheal ri sneachd gach uile gheamhradh
An t-òran gaoil, m'fhaoisad chiontach fhèin

Ò luaidh bu siud an gràdh
A dh'fhàg mi ceangailte riut an-dràsta
Cò shaoileadh an rud a dh'fhàs
Bho pòg aon oidhche earraich

Ò luaidh bu siud an gràdh
A dh'fhàg mi ceangailte riut an-dràsta
Cò shaoileadh an rud a dh'fhàs
Bho pòg aon oidhche earraich

Pog Aon Oidhche Earraich » Runrig Letras !!!

Videos de Runrig