Mar sin ged ghluaist' an talamh trom
cha-n aobhar eagal duinn
Ged thilgeadh fòs na sleibhte mòr'
am builsgein fairg' is tuin
Na h-uisgeacha le beucaich bhuirb
ged rachadh thar a cheil'
Le'n ataireachd ged bhiodh air chrith
na beanntan àrd' gu leir
Ta amhainn ann, le 'sruthaibh sèimh
ni cathair Dhe ro-ait
Fior-àite naomh an ti a's àird'
am bheil sior-chòhnuidh aig